Poll Iù
'S e baile beag aig ceann Loch Iùbh a th ' ann am Poll Iù (Beurla: Poolewe)[1] Tha e mu 4 mìle (6.5 km) ear-thuath air Geàrrloch air an rathaid A 832 agus mu dhà mhìle (3 km) iar air Loch Ma-ruibhe. Tha Abhainn Iubh a' sruthadh tron bhaile. 'S e aon de na h-aibhnichean as giorra ann an Alba a tha innte, tha i a' ruith airson mìle (1.6 km) eadar Loch Ma-ruibhe is a' mhuir. Ainm na h-àiteA rèir William J. Watson 's e 'Abhainn Iù' a thuirt muinntir a‘ bhaile ris a‘ bhaile fhèin. Tha e den bheachd gur dòcha gun tàinig am facal 'iù' bhon fhacal 'eo' ann an Gàidhlig na h-Èireann agus a‘ ciallachadh craobh-iubhair.[2] Nochdaidh ainm a' bhaile mar 'Poll Iubh' no 'Abhainn Iubh' aig Iain Mac an Tàilleir.[3] Oighreachd is Gàraidhean Inbhir IùTha Oighreachd is Gàraidhean Inbhir Iù suidhichte tuath air a' bhaile. Chaidh na gàraidhean a chur air bhonn le Osgood MhicChoinnich anns na 1860an. Nuair a fhuair e an oighreachd cha robh ach aon chraobh a' fàs air a' chnoc chreagach seo leis an t-ainm 'Am Ploc Àrd'.[4] Tha an oighreachd cho mòr ri 800 ha agus na laighe dìreach air a' costa, gun fàsadh idir. Ged-tà, air sgàth Sruth a' Chuain Siar a Tuath agus le fàs chraobhan is togail bhallaichean chaidh an oighreachd a thionndadh gu àite tìorail. Chaochail Osgood ann an 1922, ach chum an nighean aige, Màiri Sawyer, ris an obair leasachaidh a thòisich e. Thog i taigh an seo anns na 1930an. Ged a bha na gàraidhean a' tàladh luchd-tadhail bho chionn fhada, cha robh an taigh fosgailte dhan phoball. Ann an 1952, bliadhna ro bhàs Màiri Sawyer, thug i an oighreachd do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba.[4] Ach thairis air na bliadhnaichean thuit an togalach ann an droch staid. San t-Sultain 2016 dh'fhosgail Taigh Inbhir Iù dhan phoball airson a' chiad uair a-riamh an dèidh £2m a chosg air obair-leasachaidh thairis air deich mìosan.[5] Dealbhan
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach |
Portal di Ensiklopedia Dunia