Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasSeòirsia-a-Deas is na h-Eileanan Shandwich-a-Deas
'S e eileanan anns a’ Chuan Shiar a tha ann an Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a Deas neo Georgia a Deas agus na h-Eileanan Shandwich a Deas[1] Tha iad suidhichte anns a’ Mhuir Scotia[2] san ear air Aimearaga a Deas agus sa tuath air an Antargtaga . 'S e King Edward Point am prìomh-bhaile aige. 'S e Sheòirsea a Deas an t-eilean as motha a tha ann, le 170 cilemeatair a leud ‘s 29 cilemeatair a dh’fhad. 'S e eileanan gu math iomalach a th' annta, chan eil daoine a’ fuireach an seo bho thùs. An dràsda bidh dìreach an Coimiseanair agus luchd rannsachaidh a’ fuireach air an eilean fad na bliadhna. Tha bàtaichean cùirt-mhara air an t-slighe do dh'Antartaga a’ stad air an eilean cuideachd, mar sin dheth tha beagan turasachd ann. Tha taigh-tasgaidh ann an Grytviken.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-machInformation related to Sheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a Deas |
Portal di Ensiklopedia Dunia