Loch Beinn a' MheadhoinCo-chomharran: 57°16′52″N 4°55′22″W / 57.281111°N 4.922778°W 'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Beinn a' Mheadhoin no Loch Beinn a' Mheadhain [1] (Beurla: Beinnavian neo Beneveian). Tha e suidhichte air a' Ghàidhealtachd ann an Gleann Afraic. Tha e mu 8 cilemeatairean san iar dheas air Canaich agus chan fhaighear an seo ach air slighe bhig. Tha an loch mu 8.3 cilemeatairean a dh'fhad agus mu 600 meatair a leud. Bha an loch tùsail na bu lugha na sin. Ach leis a' phròiseact "Neart nan Gleann" chaidh dama a thogail agus dh'fhàs an loch na bu mhotha an uair sin. Tha an dama glè bheag, mar sin chan eil e cho faicsinneach bhon astar agus chan eil e a' milleadh an àrainneachd gu mòr. Tha Loch Beinn a' Mheadhoin na phàirt den Affric-Beauly hydro-electric power schemes. Thèid an loch a lìonadh bho struth uisge san iar à Loch Afraig. Cuideachd tha pìob ann fo thalamh bho Loch Mullardoch a tha na laighe nas àirde na Loch Beinn a' Mheadhoin. Thèid struth an uisge anns a' phìob seo a chleachdadh gus dealan-uisge a chruthachadh. Sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Beinn a' Mheadhoin chun an ear gu Abhainn Beauly agus air an dàrna làimh tro phìob-uisge gu stèisean-cumhachd dealan-uisgeach ann an Fas na Coille faisg air Canaich. IomraidheanCeanglaichean a-machInformation related to Loch Beinn a' Mheadhoin |
Portal di Ensiklopedia Dunia