Caisleán an Bharraigh
‘S e baile meadhanach ann an Contae Mhaigh Eo, sa Chúige Chonnacht an Èirinn a th’ann an Caisleán an Bharraigh.[1] Tha e suidhichte eadar Loch Cuilinn agus Loch Chaisleán an Bharraigh, ann am meadhan na Siorramachd (Gaeilge: Contae), 224km air falbh bho Chorcaigh, 66km bho Ghaillimh agus 209km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 11,891 duine a’ fuireach an seo. EachdraidhChaidh am baile agus an caisteal a stèidheachadh ann an 1235[3] le ridire Normanach air an robh De Barra agus fhuair am baile a chuid chòirichean bhon Rìgh Seumas VI ann an 1613.[4] Chuir na Gàidheil agus feachdan na Frainge ruaig air Arm na Breatainne ri linn Ar-a-mach na Frainge agus Ar-a-mach Comann nan Èirinneach Aonaichte (Gaeilge: Cumann na nÉireannach Aontaithe), ann an 1798. Bha am buaidh a thugadh air Gearrasdan nan Gall cho làidir is iad nan ruith air falbh cho luath aig peilear dearg am beatha mar eich, gun tugadh Rèisean Chaisleán an Bharraigh air a’ Chath siud.[5] Chaidh Lìg Nàiseanta Fearann na h-Èireann (Gaeilge: Conradh na Talún) a chuir air dòigh anns a’ bhaile air an 21 an Dàmhair 1879, le Mícheál Mac Dáibhéid, a bhuineadh don tSráid, baile beag eile sa sgìre.[6] Dh’fhàs am baile na bu mhotha fad na 90an is toiseach na 21mh Linn le cuideachd bho luchd-poileataigs-ionadail, gu h-àraidh bho Éanna Ó Coinnigh, a tha na Taoiseach an latha an-diugh. Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
Information related to Caisleán an Bharraigh |
Portal di Ensiklopedia Dunia